Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Calum Alex MacMillan > Tàladh Nan Cuantan > Oran Àm An Iasgach
|
Oran Àm An Iasgach |
| Credits : | Traditional; arranged by Allan Henderson & Calum Alex MacMillan |
| Appears On : | Tàladh Nan Cuantan |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Lyrics : | English Translation : |
| Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca | On Monday we set off for the Bank |
| 'S ghabh i an cuan a tuath gu Sealtainn | Taking the northern ocean to Shetland |
| Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca | On Monday we set off for the Bank |
| Gur e mise tha gu cianail | I feel very weary |
| An Ceann Phàdraig aig an iasgach | In Peterhead at the fishing |
| 'S mòr a fhuair sinn ann de mhìobhadh | There we found much mischief |
| Ged a dhèanamaid am barrachd | Although we ourselves were capable of more |
| Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca | On Monday we set off for the Bank |
| Nuair a ràinig sinn an t-àite | When we arrived at the place |
| An robh na mucan mòr a' tàmhachd | Wher the great whales live |
| Thuirt e, "Tilg a-mach an tràil | He called, "Let out the trawl |
| 'S gum bi i làn againn sa mhadainn" | So that it will be full by morning" |
| Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca | On Monday we set off for the Bank |
| Anns a' mhadainn moch Dimàirt | Early on Tuesday morning |
| O, 's ann oirre bha an coltas grànnda | The weather looked very grim |
| 'S chuir iad mise dhan druim-àrca | They sent me the corked part of the net |
| Gus na chaill mo làmhan an craiceann | Until I lost the skin off my hands |
| Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca | On Monday we set off for the Bank |
| Nuair a fhuair sinn uile air bòrd iad | When we got them all on board |
| Chuir sinn ar guaillean on fhoremast | We put our shoulders to the foremast |
| Chaidh e suas gun duine leònadh | It was raised without anyone being injured |
| Mar a dh'òirdaich Rìgh nam Feartan | As ordained by the King of the Elements |
| A' dol seachad Inbhir-Uige | Passing Wick the wind |
| Bha i an iar dheas 's i na smùid as | Was driving strong from the southwest |
| Bodach na curraice ga stiùireadh | The Old Man with the cap was steering |
| 'S cha robh cùmhnadh aig' air a h-astar | And he did not cut down on his speed |
| Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca | On Monday we set off for the Bank |
| A' dol seachad Bàgh an Teampuill | Going past Temple Bay it looked |
| B'aognaidh a coltas san àm sin | It looked terrifying |
| Sheas am bodach iomadh geamhradh | The Old Man had endured many a winter |
| 'S thàinig car na cheann an là ud | But he got a twist in his neck that day |
| Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca | On Monday we set off for the Bank |
| 'S mun do ràinig i Ceann Phàdraig | And before we reached Peterhead |
| Cha robh guth air cràdh na làimhe | There was no mention of the pain in my hands |
| Air eagal gun rachadh mo bhàthadh | In case I would be drowned |
| 'S nach fhaicinn gu bràth mo leannan | And never again see my sweetheart |